Tachartasan



Fàilte gu MCC Inbhir Nis

Tha Metropolitan Community Church ann an Alba na àite far a bheil fàilte air a h-uile neach ionnsachadh mu chreideamh agus mu choimhearsnachd còmhla.

'S e eaglais Crìosdaidh a th'unainn. Tha sinn a' feuchainn ri àite sàbhailte a chruthachadh far am bi neach sam bith saor adhradh a dhèanamh do Dhia. Nar bharail-sa tha còir aig a h-uile neach, gàidh, leasbach, dà-chomasach, de ghnè-atharraichte (LGBT) no rèidh, an cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail anns an teaghlach Chrìosdaidh.

Tha sinn nar pàirt den Eaglais MCC eadar-nàiseanta. Thòisich sinn anns a' choimhearsnachd LGBT. Bha soisgeul Dhè, mu ghaol shaoiridh cùmhachdadh, air leth cudromach do bhuidheann ann an suidheachadh cho doirbh. Ach 'se teachdaireachd a tha seo airson a h-uile neach!

Tha gaol cùmhachdadh Dhè ann dhan a h-uile neach. Chaidh ar cruthachadh le adhbhar. Ro thric, tha sinn ga lorg doirbh gaol a bhith againn dhuinn fhèin.

Eil thu airso a bhith nad phàirt de dh'eaglais a chuireas fàilte air neach sam bith? Tha sinn ag obair le daoine air feadh na h-Alba gus dòighean a lorg obair còmhla, as bith càite bheil thu - air croit no ann an cafe, ann an eaglais no cluba, aig an taigh, air-loidhne no air am fòn. Cuir brath thugainn, no dèan còmhradh air am fòrum gus faighinn a-mach ciamar a ghabhas tu pàirt.

An dràsta, tha eagalaisean againn ann an Dùn Eideann, Glaschu agus Inbhir Nis.

Tha sinn a' coimhead air adhart ri d'fhaicinn aig tachartas ann an ùine nach bi fada!


Naidheachdan bho MCC ann an Inbhir Nis

Designed and maintained by MCC in Scotland 2008 - want to get in touch? Contact us by email.